Runrig
Runrig - Chì Mi 'n Tìr songtekst
Je score:
Chì mi' n tìr 'san robh mi nam bhalach 'M bàrr a' chruinn 's Leac a' Li nam shealladh Chì mi 'n tìr 'san robh mi nam bhalach A tìr nan Suaineach a rinn sinn gluasad 'S I leinn an uair tighinn tuath air Scalpaigh Chì mi 'n tìr 'san robh mi nam bhalach Nam faighinn òrdugh gur mi bhiodh deònach A' gheòla loradh 's a seòladh dhachaidh Chì mi 'n tìr 'san robh mi nam bhalach Chì mi 'n iasgair aig ceann nan lìon Is gu'm b'e mo mhiann bhith 'sa chiar 'gan tarraing Chì mi 'n tìr 'san robh mi nam bhalach Chì mi Manais is Ceann an t-Sàile Caolas Bhearnaraigh is tràighean Phabaidh Chì mi 'n tìr 'san robh mi nam bhalach An sin thuirt Eoghainn 'se tighinn 'nam chòmhdhail "Nach seall thu 'n Godaigh aig Sròn na Hearradh?" Chì mi 'n tìr 'san robh mi nam bhalach Nuair thig an Dùbhlachd gun fag mi 'n Suna Is e mo dhùil a dhol, le sunnd, dom dhachaidh Chì mi 'n tìr 'san robh mi nam bhalach Chì mi 'n tìr 'san robh mi nam bhalach 'M bàrr a' chruinn 's Leac a' Li nam shealladh Chì mi 'n tìr 'san robh mi nam bhalach