Ishbel MacAskill
Ishbel MacAskill - Gràdh Geal Mo Chridh' songtekst
Je score:
'N àm bhith cromadh ris a'ghleann Thàinig snaidhm air mo chridh' Bho nach d'thug thu dhomh do làmh 'S mi'n dùil nach fhàgadh tu mi Bheir mi ò hu ò hò Bheir mi ò hu ò hì Bheir mi ò hu ò hò 'S mi fo bhròn 's tu gam dhìth Dhèanainn treabhadh dhuit is buan Chumainn suas thu gun dìth Bheirinn as a' ghreabhal chruaidh Do mo luaidh teachd an tìr Bheir mi ò hu ò hò Bheir mi ò hu ò hì Bheir mi ò hu ò hò 'S mi fo bhròn 's tu gam dhìth Ged nach eil sinn fhathast pòsd' Tha mi'n dòchas gum bi Fhad' 's a mhaireas mo dhà dhòrn Cha bhith lòn oirnn a dhìth Bheir mi ò hu ò hò Bheir mi ò hu ò hì Bheir mi ò hu ò hò 'S mi fo bhròn 's tu gam dhìth Dh'fhàg thu sìlteach mo shùil Dh'fhàg thu tùrsach mo chridh' Dh'fhàg thu tana-glas mo shnuadh 'S thug thu ghruag bhàrr mo chìnn Bheir mi ò hu ò hò Bheir mi ò hu ò hì Bheir mi ò hu ò hò 'S mi fo bhròn 's tu gam dhìth